An Innis Igh Lyrics

Rankins

(Traditional) Seinn an duan so dhan Innis Àigh An innis uaine as gile tràigh Bidh sian air uairean A' bagairt cruaidh ris Ach 's e mo luaidh-sa bhi ann a' tàmh Càit' an tràith' an tig Samhradh caomh? Càit' an tràith' a thig blàth air craobh Càit' as bòidhche 'S an seinn an smeòrach Air bhàrr nan ògan 's an Innis Àigh Tiugainn leam-sa chun na tràigh' 'S an fheasgar chiùin-ghil aig àm an làin [ From: http://www.metrolyrics.com/an-innis-igh-lyrics-rankins.html ] Is chi thu 'm bòidhhead 'S an liuthad seòrsa De dhe'eoin tha còmhnuidh an Innis Àigh An t-iasg as fiachaile dlùth do 'n tràigh Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh Bidh gillean easgaidh Le dorgh is lìontan Moch, moch 'g a iarraidh mu Innis Àigh O, 's gearr an ùine gu'n teirig là Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh Mo chadal buan-sa Bidh e cho suaimhneach Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh Seinn an duan so dhan Innis Àigh

Add Tag

Tags

Tell Us What These Lyrics Mean To You...

Mobile Sitehide
Hey, we have a new extension for Chrome: Lyrics for Youtube! More info...